An Eala Bhan歌詞

添加日期:2023-05-12 時長:03分44秒 歌手:Capercaillie

Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sas aig bron
Bhon an uair a dh'fhag mi
Beanntan ard a' cheo
Gleanntannan a'mhanrain
Nan loch, nam bagh 's nan srom
'S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air 'm bheil mi 'n toir.
A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas-
Co am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a' ghrian an aird.
Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom
'Na mheallan suas 's na neoil;
Aig na 'shells a' bualadh -
Cha leir dhomh bhuam le ceo:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhoir;
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeoid.
Air m' uilinn anns na truinnsichean
Tha m' inntinn ort, a ghraidh;
Nam chadal bidh mi a' bruadar ort
Cha dualach dhomh bhith slan;
Tha m' aigne air a lionadh
Le cianalas cho lan
'S a'ghruag a dh'fhas cho ruadh orm
A nis air thuar bhith ban
Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath;
Cadal samhach air a chul
Do dhusgadh sunndach slan
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh -
Tha 'n cuan cho buan ri shnamh
更多>

喜歡【Capercaillie】您也可能喜歡TA們的歌詞…

更多>

最新歌詞